Showing posts with label gd. Show all posts
Showing posts with label gd. Show all posts

Wednesday, 12 January 2022

42 cilo

Rè nan ceithir sheachdainean bhon tadhal mu dheireadh agam san ospadal, bha fhios agam nach robh mi ag ithe gu leòr. Ach bha dùil agam gun robh mi a' cumail nan 46 cilo a bha agam aig an àm. Cha robh.

Dar an deach mi ann a-rithist an-dè, cha robh ach 42 chilo agam. Eagalach gu dearbh. (Cuideachd, thathar ag ràdh gur e 42 am freagairt airson a h-uile rud ...) Mar sin, a thuilleadh air an stad a chuir sin air a' cheimeo-theiripe, chuir mi romham gum b' fheudar dhomh ithe fada nas motha. Agus ithe pròtainean, beòthamanan agus mar sin sìos, seach dìreach gualuisgeachan.

Tha fhios gu bheil seo a' ciallachadh àm nas lugha airson leughaidh agus a bhith nam shuidhe aig a' choimpiutair-uchd, ga chur seachad ag ithe an àite sin, ach tha sin do-sheachnadh. So an-diugh, air 'St Mungo's Eve', thòisich mi air. Chan eil e furasta, bha eadhon pian ann (gu follaiseach, tha mo stamac fìor bheag an-dràsta), ach feumaidh mi cumail orm. Chan eil dòigh eile ann ma tha mi ag iarraidh maireann beò.

 


Wednesday, 29 December 2021

Mo chuid Ghàidhlig '21

Tron aon mhìos deug den bhliadhna, cha mhòr nach robh mi an sàs sa Ghàidhlig idir. Leugh mi leabhar gu leth, agus uaireannan naidheachd no dhà leis a' BhBC; fìrinn innse, chanainn gun do dhìochuimhnich (no leth-dhìochuimhnich) mi barrachd faclan seana air na dh'ionnsaich mi de fhaclan ùra.

Ach tron Dùbhlachd bha mi gu math dìcheallach a-rithist. Leugh mi leabhar eile; thòisich mi air faclan a dh'ionnsachadh mar bu chòir aon uair eile; bhithinn ag èisteachd ri Radio nan Gàidheal, a' blogachadh gu cunbhalach; rinn mi eadhon grunnan dheasachaidhean beaga san Uicipeid. Agus tha mi a' faireachdainn mar a tha mo chuid Ghàidhlig, a bha a' sìor thuiteam bhuaithe, a' tighinn am feabhas às ùr. Mar a tha am briathrachas agus an gràmar leth-dhìochuimhnte a' tilleadh dhomh.

Agus tha mi ga mhealadh. Mar sin, tha mi 'n dòchas nach bi e ro dhoirbh a' cumail orm mar seo ann an 2022 mar an ceudna.



Sunday, 26 December 2021

Chaochail Desmond Tutu

Tha fhios gum b' aithne dhomh dè cho cudromach agus a bha an t-easbaig Afraganach seo anns an t-strì an aghaidh apartheid. Ach mus do thug mi sùil ghoirid air an aiste Uicipeid Bheurla mu dheidhinn an-diugh, cha b' aithne dhomh gun robh e cuideachd a' bruidhinn gu làidir às leth co-ionnannachd gèidh ann an Afraga a Deas agus anns an Eaglais Anglican. Hmm, chan eil aiste Uicipeid Ghàidhlig mu dheidhinn ann; 's dòcha gum bu chòir dhomh ga sgrìobhadh latha de na làithean.



Wednesday, 22 December 2021

Thadhail m' athair orm

Abair latha. An toiseach, dh'fhair companaidh lìbhrigidh dhomh dà leabhar Beurla bhon Amazon (eachdraidh na Frainge agus eachdraidh na Nirribhidh). As dèidh sin, thàinig m' athair às a' bhaile aigesan le poca làn bìdh o mo mhàthair airson ama na Nollaige. Agus fhad 's a bha e an-seo, dh'fair posta litir clàraichte dhomh bho Roinn na Tèarainteachd Sòisealta (a' gearan nach d' fhuair iad fhathast pàipearan bhon dotair-teaghlaich agam).

Bha e math m' athair fhaicinn a-rithist, ged nach do mhair an còmhradh eadarainn na b' fhaide na dà uair a thìde, 's nach robh e ro inntinneach a bharrachd (sa mhòr-chuid mu dheidhinn peinnsean ciorramachd a bu chòir dhomh fhaighinn agus rudan co-cheangailte ris), ach bha e taitneach dìreach cuideachd a bhith agam as dèidh nan làithean, agus thuirt e dhomh aon rud inntinneach:

Thuirt e gum b' fheàrr leis caochladh a-nis, dar a tha e ochdad bliadhna a dh'aois ach a' smaointeachadh agus a' gluasad ceart gu leòr, seach as dèidh ceud bliadhna a dh'aois, ach le cràdhan mòra air/no leabaidh-laigheach air/no le seargadh-inntinne. Bha e coltach nach robh eagal a' bhàis aige tuilleadh. Feumaidh mi aideachadh gun robh ('s gu  bheil) farmad agam air - air sgàth an dà chuid cion thrioblaidean cuirp agus cion an eagail.



Sunday, 19 December 2021

Sùil air ais: an ospadal

Aig deireadh na Dàmhair, chuir mi seachad seachdain san ospadal, agus bha droch naidheachd ann cha mhòr gach latha.

Diluain, chaidh innse dhomh nach b' urrainn iad tuilleadh an aillse agam a leigheas, dìreach ga bacadh, ged a bhios daoine ann beò fhathast leis an seòrsa sin airson grunn bhliadhnaichean.

Dimàirt, chaidh innse dhan fhear a bha na laighe air an leabaidh eile nach robh aigesan ach beagan seachdainean no 's dòcha corra mhìos. Sin dar a thuig mi nach eil àm cho fada agamsa a bharrachd. Sin dar a thàinig trom-inntinn dhomhainn is eagal mòr orm.

Diciadain, dh'fhàg am fear, ach thàinig an ceartuair fear eile a bha a' coimhead air an telebhisean fad na h-ùine mar an ceudna. Mar sin, cha mhòr nach robh fois sam bith agam tron sheachdain sin.

Diardaoin, thuit fiacaill eile, clàr-fhiacaill LL1, às mo bheul. Mar nach biodh e doirbh gu leòr ithe leis-san.

Gu fortanach, dh'fhàg mi an ospadal Dihaoine. Ach maireadh e fada mus tòsich mi air a dhol beagan am feabhas a-rithist.



Wednesday, 15 December 2021

Falt air a bheàrradh

Dar a sgrìobh mi mu dheidhinn cuideachadh mo pheathar an-dè, cha do rinn mi luaidh air aon rud a choilean i air mo shon: aig deireadh na Samhna, bheàrr i m' fhalt. 'S ann glè chuideachail a bha sin, oir (leis na glasaidhean-sluaigh, leis a' gheamhradh, agus an dèidh sin leis na cràdhan-bronn agam) cha robh e air a bheàrradh bhon Iuchar an-uiridh. Bha e na fhaochadh falt den fhad 'àbhaisteach' a bhith agam a-rithist gu dearbh!



Sunday, 12 December 2021

Às-aithris: Dòmhnall Iain MacÌomhair: An Duine

 

Bu toigh leis a bhith a' dèanamh nithean anns an robh ùidh aige fhèin. An robh sin ceàrr seach nach robh ùidh aig càch annta? Cha robh esan a' smaoineachadh gun robh. 

(td 80 anns an chruinneachadh Caogad san Fhàsach)

Eadhon dar a bha mi òg, cha robh ùidh agam ann an iomadh nì anns an robh ùidh aig mo chàirdean, mo cho-aoisean: ball-coise, càraichean, caileagan agus mar sin sìos. Aig an aon àm, bha ùidh agam ann an grunnan nì anns nach robh ùidh aig cha mhòr duine sam bi eile air a bha mi eòlach: cànanan, Alba, òganaich agus mar sin air adhart. Agus cha do dh'atharraich sin rè nam bliadhnaichean.

Seadh, cha robh 's chan eil e idir furasta aig amannan. Ach a dh'aindeoin sin, cha chreid mi gum bithinn na bu thoilichte, mar eisimpleir, a' coimhead air geama ball-coise ann an telebhisean le daoine eile 's a' leigeil orm gun robh e inntinneach dhomhsa, seach a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig nam aonar. Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, 'sòlas an dara duine, dòlas an duine eile'.

 

 

Wednesday, 8 December 2021

Calum Cille aig 1,500 bliadhna

An-dè, theab mi gun a mhothachadh gum b' e 1,500 bliadhna bhon rugadh Calum Cille. Dh'fhàg sin beagan brònach mi.

O, chan ann gur e Crìostaidh a tha annam. Ach b' e samhla eile den astar a dh'fhàs eadar mise is saoghal na Gàidhlig. Saoghal anns an robh ùidh cho mhòr agam grunn bhliadhnaichean air ais, saoghal air a bhiodh mi a' gabhail beachd cho dian - agus a' faighinn tlachd cho mòr bho sin. O chionn ghoirid, cha mhòr nach robh naidheachdan BhBC an aon cheangal agam ris.

Ach mar a tha mi a-nis a' feuchainn dòigh mo bheatha atharrachadh, ga h-ùrachadh, tha mi a' feuchainn tilleadh faisg air an t-saoghal sin cuideachd.



Sunday, 5 December 2021

Cion thoiteanan

Obh obh. Dhiùlt mo phiuthar toiteanan a cheannach dhomh tuilleadh, agus am pasgan mu dheireadh agam. Tha mi 'n dòchas gum bi mo bhrùthadh-fala àrd gu leòr a-màireach, 's gum bi an neart agam am flat fhàgail airson a' chiad turais bhon 18 an t-Samhain, 's ri dhol gan ceannach leam fhìn. Tha mi a' faireachdainn an-dràsta gur dòcha gun soirbhich leam, ach chì sinn.



Wednesday, 1 December 2021

Fuar

Chan eil am brùthadh-fala ìosal agam cho dona an-diugh 's a bha e fad beagan làithean, ach tha a' bhuinneach air ais, agus airson adhbhar air choireigin, tha mi fuar. 'S mathaid oir bha mi fuar tron oidhche. Fear de na rudan as lugha orm sa bhaile seo, 's e an àbhaist an teasachadh-meadhain (no teasachadh air astar) a chur dheth buileach eadar deich uairean feasgar is sia sa mhadainn. Amadain.



Tuesday, 20 April 2021

Rinn mi e

Tha fios gun robh mi caran nearbach, mar as àbhaist dhomh, ach cha do dhàilich mi e: chaidh mi dhan oifis agus thuirt mi dhaibh gum bithinn fàgail an àite. Agus cha robh iad a' coimhead mì-thoilichte idir; gu dearbh, mhol an tè mi airson 's nach robh mi ag iarraidh fàgail roimhe na trì mìosan a-rèir a' chùmhnant. Rud eile a chur iognadh orm 's e nach robh ùidh aca, nach do dh'fhaighnich iad, carson a bha mi ag iarraid falbh, gun luaidh air càit' a rachainn.


Tuesday, 13 April 2021

Bàrdachd

Feumaidh mi aideachadh nach eil mi measail air bàrdachd Ghàidhlig. Leis an fhìrinn innse, chan eil mi uamhraidh measail air bàrdachd sa chànan sam bith, ach a-mhàin mar fhaclan òrain. Mar is bitheanta, bidh dàin (seach rosg) a' coimhead ro thoinnte dhomhsa. Agus leis nach eil mo chuid Ghàidhlig cho math agus mo chuid Bheurla (gu h-àraidh am briathrachas), chan eil iongnadh ann gu bheil bàrdach Ghàidhlig fada nas doirbhe dhomh a thuigsinn. Cuideachd, tha a' chuid as motha de bhàrdachd Ghàidhlig air an tàinig mi thairis ro thraidiseanta air mo shonsa - a' dèiligeadh sa mhòr-chuid le cuspairean nach eil glè bhuntainneach ri mo bheatha, mar chathan eadar cinnidhean, gaol iol-sheòrsach, agus mar sin sìos.


Sunday, 14 February 2021

Leabhar ùr

Bha mi gu math teabadach, ach aig a cheann thall cheannaich mi leabhar an clò, ged a bha mi air cur orm nach cuireadh mi ris an dà a bha agam a-cheana, agus iad sin an dà leabhar is annsa leam. Ach cha mhòr nach bi leabhraichean sa Ghàidhlig ri fhaotainn ann an cruth digiteach; chan eil agam ach aon (agus chan eil mi buileach cinnteach gur e fileantach a tha san ùghdar), 's mar sin, dh'òrdaich mi clò-bhualadh de Chaogad san Fhàsach le Dòmhnall Iain MacÌomhair an-diugh. As dèidh sin 's na dhèidh, cha robh mi air tiodhlac Nollaige 2020 a cheannach dhomsa fhathast.



Thursday, 4 February 2021

Tadhalan mo chàirdean

Chan eil fhios agam an e buaidh a' bhìorais (le uimhir nas lugha de chothroman aig daoine leis an àm aca a chur seachad) no buaidh na h-aillse agam (agus iad ag iarraidh m' fhaicinn mus am biodh e ro fhadalach), ach bha dà thadhal agam bho chàirdean na colaiste san Fhaoilleach: Black sa chiad àite, agus an dèidh sin Jamie is Falcon.

Iongantach. Tro na trì mìosan ar fhichead roimhe 2021 agus a bha mi a' fuireach san fhàrdaich seo, cha do thadhail ach mo phiuthair orm - aon thuras. A-nis, dà thadhal rè mìosa singilte - agus bu chòir do Bhlack a' tighinn a-rithist an ath-sheachdain, leis an dà eile, tha mi an dòchas, mus deireadh a' Ghearrain ...



Friday, 1 May 2020

Tim Armstrong: Am Feur Buidhe an t-Samhraidh

Chòrd e rium gun tàinig sinn uile air ais dhan Ghàidhlig. Bha a' Ghàidhlig fhathast na bu dorra dhomh ach bha rudeigin blàth ma deidhinn cuideachd.
(Colman, am fear-aithris)


Tha mi a' tuigsinn na fhaireachdainn sin: dhomhsa 's e Beurla, ged nach eil i agam bho thùs. Tha Gàidhlig agus Fraingis 's dòcha a cheart cho brèagha, ach chan eil mi eòlach orra cho math. 'S mathaid gu bheil mi beagan nas fhileanta sa' chànan mhàthaireil agam, ach tha fhuaim is a choltas grànnda air mo shon-sa dheth. Dar a bhios mi ag iarraidh òran no leabhar tlachdmhor a mhealadh gu cofhurtail, feumaidh mi tionndadh gu Beurla.


Saturday, 11 April 2020

Stuama

'S ann neònach a tha seo. Dh'òl mi balgam vodka glè bheag madainn DiLuain, agus as dèidh sin, gun a bhith a' rùnachadh sin, cha do dh'òl mi balgam alcoil eile gus oidhche Ardaoin - agus cha do dh'ionndrainn mi e. Gu dearbh, cha tàinig e a-steach orm gus an oidhche Ardaoin gun robh seo air tachairt ...


Sunday, 5 April 2020

Earrach a' tighinn

Cha robh an geamhradh garbh, ach cha robh e snog a bharrachd, le cion an t-sneachda. A thuilleadh air sin, bha sreath de sheachd seachdainean ann dar a bhiodh mi ag obair dìreach nan sioftaichen maidne, rud a dh'fhàgadh mi claoidhte gu dearbh. Agus 's mathaid gu robh mi a' cosg cus ama san taigh-sheinnse, mus do dhùisg iad uile.

Air an làimh eile, lean mi orm le mo ionnsachadh chànanan, leugh mi (no, na bu trice, ath-leugh mi) iomadh leabhar math, agus ged nach do lùghdaich mi  gu mòr càrn-obrach nan cùisean a tha mi airson a dhèanamh fhathast, 's dòcha nach do mheudaich mi e.

Co-dhiù no co-dheth, bidh co-là Glaodhach Obar Bhrothaig ann a-màireach: tha làithean nas fhaide na oidhcheannan mar tha, tha an teothachd a' sìor èirigh, tha duilleagan a' nochdadh air na craobhan ... Chì sinn am bi an t-earrach nas fhearr na an geamhradh a dh'aindeoin a' bhìoras.


Tuesday, 31 March 2020

Fadalach san obair

Chanainn nach robh mi fadalach ann an àite obrach airson nam bliadhnaichean, ach thachair e DiLuain; cha do dhùisg an t-uairedair-dùsgaidh mi ri tìde agus cha d' fhuair mi ann ach aig seachd uairean. Gu fortanach, bha seach-thìm gu leòr agam bho thoiseach a' mhìos, ach 's lugha orm sioftaichean maidne, 's lugha orm àbhaist na dùthcha gòraich seo gan tòiseachadh cho tràth 's sia uairean, agus 's lugha orm ùine samhraidh dar a bhios agam ri èirigh fiù 's uair nas tràithe.

Monday, 21 October 2019

Faodaidh mi fònadh

'S lugha orm fònadh. Ach dar a fhuair mi litir o chompanaidh lìbhrigidh gun robh am pasgan thugam o Phoppy Scotland aca ach nach robh iad cinnteach às a' sheòladh agam, dh'fhòn mi ann, seach sgrìobhadh post-d – rud a chuir iongnadh orm fhìn. Ach shoirbhich mi, agus tha baidse is bann-dùirn ùra agam a-nis; agus dhearbh sin dhomsa gum faod mi fònadh fhathast – rud glè chudromach an-dràsta, 's mi an tòir air cosnadh eile.

 

(originally posted on WordPress)

Monday, 7 October 2019

Beagan lag

Neònach. Cha do dh’òl mi cus o DhiMàirt, ach bidh mi a’ cur fallas dhìom nam chadal uaireannan fhathast, bidh fradharc ceòthach orm sa mhadainn uaireannan fhathast – agus as dèidh dhomh dìreach trì pinntean san taigh-seinnse is biadh aig an taigh a ghabhail feasgar an-diugh, bha agam ri dùsal a ghabhail mar an ceudna; rinn mi a’ mhòrchuid dhe na bha agam air fhàgail ri dhèanamh as a dhèidh, ach gun dìorras. ’S mathaid gu bheil mi beagan tinn, leis an teothachd air tuiteam cho luath …

 

(originally posted probably on WordPress or maybe on Tumblr)